Faça login para habilitar sua assinatura e dê adeus aos anúncios

Fazer login
exibições de letras 61

Mo Dhòmhnallan Fhèin

Julie Fowlis

Nuair chruinnicheas an òigridh
Gu mire ’s gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus,
A’ cuimhneachadh còmhradh
An fhleasgaich a leòn mi,
’S an gaol thug mi òg do
Mo Dhòmhnallan fhèin.

Bidh m’ athair ’s mo mhàthair
Ri gearain ’s ri cràmhan,
A’ cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill,
Mo ghaol thoirt a dh’òigfhear
Bhios daonnan a’ seòladh
’S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè.

Nuair thachradh an còmhlan
Sa chlachan Didòmhnaich,
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum;
Cho beusail na chòmhradh,
Cho fearail na dhòighean ‑
Bhiodh sùil aig gach òigh air
Mo Dhòmhnallan fhèin.

Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailean nam phòca,
Do dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Do shùilean cho beò leam,
Do ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.

Tha bliadhn’ agus còrr bhon
A thriall e o eòlas,
’S tha ìomhaigh cho beò leam
’S ged sheòladh e ’n‑dè;
Cha ghèill mi do dh’òigfhear
’S cha chèill mi na bòidean
No ’n gaol a thug mi òg do
Mo Dhòmhnallan fhèin.

When the young gather
For sport and play,
I will be alone
In a room without music,
Remembering conversations
With the lad who caused me pain,
And the love I gave young to
My own Donald.

My father and mother
Complain and moan:
They say I am no better
Than a foolish child
To have given my love to a young man
Who is always at sea
And freely dispenses gifts
To every girl.

When the company used to meet
In the village on Sunday,
Among them there was no young man
As surefooted,
Nor as well spoken
And manly in his ways ‑
All the young girls admire
My own Donald.

I have beautiful locks
Of your hair in my pocket,
Your photograph is enclosed
In a gold frame;
Your eyes are alive to me,
Your cheeks are like roses,
Reminding me of
My own Donald.

It’s a year and more
Since he left home,
And his face is as alive to me
As if he had sailed yesterday;
I won’t yield to any young man
And I won’t conceal the promise
That I gave when young to
My own Donald.

Adicionar à playlist Tamanho Cifra Imprimir Corrigir Enviar tradução


Comentários

Envie dúvidas, explicações e curiosidades sobre a letra

0 / 500

Faça parte  dessa comunidade 

Tire dúvidas sobre idiomas, interaja com outros fãs de Julie Fowlis e vá além da letra da música.

Conheça o Letras Academy

Enviar para a central de dúvidas?

Dúvidas enviadas podem receber respostas de professores e alunos da plataforma.

Fixe este conteúdo com a aula:

0 / 500

Posts relacionados Ver mais no Blog


Opções de seleção