Faça login para habilitar sua assinatura e dê adeus aos anúncios

Fazer login
exibições de letras 15

Inbhir Àsdal Nam Buadh

Rachel Walker

Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Cumaibh suas inbhir àsdal
San dùthaich mun cuairt

Ho-rò, chan eil àite
San robh mise riamh
Ged gheobhainn mo roghainn
Dhe gach àit'n ear no'n iar
Am b'ait leam bhi fuireach
'S am b'fheàrr leam bhi triall
'S mur faighinn mo dhachaidh ann
'S mise bitheadh ciar

'S a' mhonadh tha sgaoilte
Le aonadh gu leòr
Far 'n d'shaothraich ar sìnnsir
Le dìcheall son lòn
Toirt ruaig air a' bhuachaill
'S iad suaimhneach gun stòr
A' faighinn na bha dhith orr'
Cha robh sùil ac' ri còrr

Agus latha 'n trusaidh
Bidh drip anns an àit'
Gach fear mach sa' mhadainn
Le bhata na laimh
Le bhag air a ghualainn
Sa chù mu a shàil
Theid gach beathach air monadh
A thrusadh gun dàil

'S a gheamhradh bidh uisg'
Gaoth is fuachd ann ma seach
Is uairean bidh reothadh
Is uairean bidh sneachd
Bidh teine math mòine
Cur blàths anns gach teach
Nochdadh coibhneas is aoigh anns
Gach aon ac' mar chleachd

Is ged a bhiodh connspaid
Aig cuid an aghaidh chàich
Cha mhair e ach sealan
'S mar as giorra 's e 's fhearr
Ach tha e cho soillear
Ri àrd mheadhan latha
Gur e sìth agus rian
Agus nàbhachd as fhearr

Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Cumaibh suas inbhir àsdal
San dùthaich mun cuairt

An uair thig thu timcheall
Aig sròin na luirge ruaidh
'S a sheallas tu nuas
Inbhir àsdal nam buadh
Air latha breagha samhradh
'S a' ghrian 's èirigh suas
Chi thu sealladh cho àlainn
'S a th' air an taobh tuath

Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Seinnibh le fonn
Inbhir àsdal nam buadh
Cumaibh suas inbhir àsdal
San dùthaich mun cuairt

Adicionar à playlist Tamanho Cifra Imprimir Corrigir Enviar tradução

Comentários

Envie dúvidas, explicações e curiosidades sobre a letra

0 / 500

Faça parte  dessa comunidade 

Tire dúvidas sobre idiomas, interaja com outros fãs de Rachel Walker e vá além da letra da música.

Conheça o Letras Academy

Enviar para a central de dúvidas?

Dúvidas enviadas podem receber respostas de professores e alunos da plataforma.

Fixe este conteúdo com a aula:

0 / 500

Posts relacionados Ver mais no Blog


Opções de seleção