Faça login para habilitar sua assinatura e dê adeus aos anúncios

Fazer login
exibições de letras 26

Puirt A Beul

Rachel Walker

'S iomadh rud tha dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mun deanainn banais
'S iomadh rud tha dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mu'm pòsainn
'S iomadh rud tha dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mun deanainn banais
'S iomadh rud tha dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mu'm pòsainn

Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòr a Cheannaich
Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòrag
Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòr a Cheannaich
'S iomadh rud tha dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mu'm pòsainn

Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
A-nochd an tòir air Mòr a Cheannaich
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
A-nochd an tòir air Mòrag
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
A-nochd an tòir air Mòr a Cheannaich
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
A-nochd an tòir air Mòrag

Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòr a Cheannaich
Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòrag
Ìbhidh abhaidh ùbhaidh àbhaidh
Sìn do làmh a Mhòr a Cheannaich
Dòmhnall Dubh an Dòmhnallaich
A-nochd an tòir air Mòrag

Tha Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Tha Fear an Dùin Mhòr is Mòr a' mire ris
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?
Tha Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Tha Fear an Dùin Mhòr is Mòr a' mire ris
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?

Tha Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Tha Fear an Dùin Bhig gu tric a' mire rith'
Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Gu tric a' mire ri Màiri
Tha Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Tha Fear an Dùin Bhig gu tric a' mire rith'
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?

Tha Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Tha Fear an Dùin Mhòr is Mòr a' mire ris
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?
Tha Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Tha Fear an Dùin Mhòr is Mòr a' mire ris
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?

Tha Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Tha Fear an Dùin Bhig gu tric a' mire rith'
Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Gu tric a' mire ri Màiri
Tha Fear an Dùin Bhig a' mire gu tric
Tha Fear an Dùin Bhig gu tric a' mire rith'
Fear an Dùin Mhòr a' mire ri Mòr
Ach cò ni mire ri Màiri?

Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil
Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil

Seònaid is fidheall aice
Raonaid is pìob aice
Mór nan Port is feadan aice
'S sheinneadh iad an ruidhle
Seònaid is fidheall aice
Raonaid is pìob aice
Mór nan Port is feadan aice
'S sheinneadh iad an ruidhle

Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil
Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil

Fear an taighe aig bean an taighe
'N sgalag aig an t-searbhanta
'M buachaille aig a bhanaraich
'S mo sheannair aig mo sheanmhair
Fear an taighe aig bean an taighe
'N sgalag aig an t-searbhanta
'M buachaille aig a bhanaraich
'S mo sheannair aig mo sheanmhair

Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil
Mórag, 's i Mórag
'S i Mórag a rinn a bhanais
Mórag, 's i Mórag
A rinn a bhanais ainmeil

Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna nighean an fhìdhlear
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna dol a phòsadh
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna nighean an fhìdhlear
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna dol a phòsadh

Anna nighean, air Anna nighean
Air Anna nighean an fhidhlear
Air Anna dol, air Anna dol
Air Anna dol a phòsadh
Anna nighean, air Anna nighean
Air Anna nighean an fhidhlear
Air Anna dol, air Anna dol
Air Anna dol a phòsadh

Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna nighean an fhìdhlear
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna dol a phòsadh
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna nighean an fhìdhlear
Tha còta mòr Ealasaid
Air Anna dol a phòsadh

Anna nighean, air Anna nighean
Air Anna nighean an fhidhlear
Air Anna dol, air Anna dol
Air Anna dol a phòsadh
Anna nighean, air Anna nighean
Air Anna nighean an fhidhlear
Air Anna dol, air Anna dol
Air Anna dol a phòsadh

Adicionar à playlist Tamanho Cifra Imprimir Corrigir Enviar tradução

Comentários

Envie dúvidas, explicações e curiosidades sobre a letra

0 / 500

Faça parte  dessa comunidade 

Tire dúvidas sobre idiomas, interaja com outros fãs de Rachel Walker e vá além da letra da música.

Conheça o Letras Academy

Enviar para a central de dúvidas?

Dúvidas enviadas podem receber respostas de professores e alunos da plataforma.

Fixe este conteúdo com a aula:

0 / 500

Posts relacionados Ver mais no Blog


Opções de seleção